Thathar an dùil gun tèid cead a thoirt do leasbaich Albannach a’ sìreadh IVF bho Sèirbheis Nàiseanta na Slàinte (SNS).
Thathar an dùil gum mòl buidheann-comhairle an Riaghaltais gum bu chòir do cead a bhith aig leasbaich a bhith a’ cleachdadh sèirbheisean IVF an SNS.
Tha Caroline Harris agus Julie McMullen air a bhith a’ strì an-aghaidh SNS Glaschu am-bliadhna airson cead a bhith a’ cleachdadh na sèirbheisean IVF aca.
Thuirt SNS Glaschu gur ann airson càraidean neo-thorrach a bha na sèirbheisean IVF agus nach robh càraid leasbach a’ co-fhreagairt am mìneachadh seo.
Thuirt an càraid gum biodh iad a’ toirt an urras dhan lagh air sgàth ’s gun robh an urras a’ dèanamh leth-bhreith orra agus thug seo air an urras an riaghailt atharrachadh.
An-dràsta tha càraidean leasbach comasach air sèirbheisean IVF a’ cleachadh ann an ospadalan aig SNS na Crìochan, SNS a’ Ghàidhealtachd agus a-nis SNS Glaschu ach tha SNS ag ràdh gum faodar seo leasachadh.
Thuirt neach-labhairt an Riaghaltais ris The Times: “Chan eil riaghailtean an latha an-diugh a’ cur casg air càraidean aona-ghnèitheach agus tha fios againn nach eil cuid dhe na buird SNS a’ tabhann seirbheisean IVF do càraidean aona-ghnèitheach…Tha sinn a’ tuigsinn nach eil seo cunbhalach air feadh na h-Alba agus iarraidh sinn air a’ bhuidheann-comhairle a’ chùis seo a bheachdachadh.