Na h-Albannaich & na Lochlannaich
An dèidh na Maormores thug na h-Albannaich smachd air Inbhir Pheofharain nuair a thàinig iad gu Alba bho Èirinn. Aig an àm sin bha Inbhir Pheofharain an t-àite as fhaide anns an taobh tuath a bha fo smachd nan Albannach, agus na h-àiteachan eile anns an taobh tuath fo smachd nan Lochlannach. Bha tòrr sabaid aig Inbhir Pheofharain air sgàth ’s gun robh e uabhasach math mar àite airson faighinn tron a’ Ghàidhealtachd; cuideachd, thug na Lochlannaich ionnsaigh air Inbhir Pheofharain gu tric. Ann an 1035, thàinig na Lochlannaich gu Inbhir Pheofharain a’ leantainn Thorfinn; bha blàr beag ann: ’s e am “Battle of Torfness” a bh’ ann. Bhuannaich Thorfinn agus an armailt aige agus chuir e Inbhir Pheofharain, a chaisteil agus an talamh fo smachd. Bha am baile fo smachd Thorfinn airson an ath 37 bliadhna. Nuair a thug e smachd air a’ bhaile thòisich e seòrsa cùirt neo “thing” mar a chanas iad ann an Lochlannais agus chaidh an t-ainm Inbhir Pheofharain gu Thingvollr a tha a’ ciallachadh “achadh na cùirte” ann an Lochlannais agus chaidh seo gu Dingwall. Mu 1200 thug na h-Albannaich smachd maireannach air a’ bhaile.
