
Dìridh còignear sgrìobhaichean ùra air bòrd bus Comadaidh Òir air an t-slighe dhan Òban - gun aca ach trì latha airson sgeidseachan èibhinn a’ dheasachadh dhan luchd-èisteachd a tha a’ feitheamh orra ann an Talla a’ Chorrain. Tha turus gu math sàrachail ron chòignear: Iain MacCoinnich (à Leòdhas bho thùs), Cailean Collier (à Uibhist a Deas), Murchadh MacSuain (à Leòdhas), Catriona Lecsi Chaimbeul (às a’ Phloc) agus Janet Evans (à Eglinton ann an Éirinn) - agus aca ri tadhal air sia àiteachean ann an trì seachdainean. Bha am bus fhèin sgìth mun àm a’ ràinig e Steòrnabhagh, agus thug e suas an deò air fàl an rothaid!
Làrach-lìn oifigeil aig Comadaidh Òir
Putaibh air na ceanglaichean na leanas gus geàrr-chunntas neo na bhidiothan fhèin fhaicinn.
