Crìstean-MacMhìcheil.co.uk

Fàilte oirbh a chàirdean

‘S e seo an làrach-lìn a rinn mi airson a’ mhodail Choimpiutaireachd airson Gàidhlig ’s Iomall a’ Chuain Siar, an ceum a tha mi a’ dèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig. An-dràsta tha tòrr ann mu dheidhinn a’ bhaile far an do thogadh mi ach san am ri teachd tha mi an dòchas gum bi stuth ùr a’ nochdadh. Tha Stòr-dàta nan dùthchannan ann cuideachd. ‘S e sin an stòr-dàta a rinn mi airson Coimpiutaireachd cuideachd a tha a’ toirt a-mach fiosrachadh mu dheidhinn dùthchannan.

Naidheachdan as ùire - 11/04/2008

Tha mi air bhidiothan ùr a chur ann an Filmichean & T.Bh. ’s e iad Comadaidh Òir, Cuairt nam Blòg, Speaking Our Language, Foighidinn: The Crimson Snowdrop agus Seasaidh Lexy.

Tha mi fhathast ag obair air Naidheachdan Pinc làrach-lìn a chruthaich mu gus naidheachdan LGBT fhoillseachadh anns a’ Ghàidhlig.

Naidheachdan Pinc

A bharrachd air Naidheachdan Pinc, tha mi fhathast ag obair air AbairThusa. Tha sinn air deasbad a thoiseachadh gus an eadar-aghaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig agus tha sinn air tòrr a thionndadh mar thà. Carson nach gabh sibh ann?

AbairThusa - Lìon Sòisealta nan Gàidheal

Mar as àbhaist, ma tha beachdan, molaidhean no gearanan agaibh, cuiribh thugam iad.

GayGaels - Buidheann Bebo airson Gàidheil LGBT

Big Gay News

Proudly powered by WordPress. Theme developed with WordPress Theme Generator.
Copyright © Crìstean-MacMhìcheil.co.uk. All rights reserved.