Tha mi air a’ bhidio ùr aig Na Gathan a chur air an làrach-lìn agam.
Tha iad gu bhith gu math trang a’ cluich beò ann an Rockers, Glaschu, 7f 18mh den Chèitean leis The Red Eyes, Auslander agus The Eddies, bidh iad a’ clàradh eadar-sgeul airson Rapal T.Bh. 7f 28mh den Chèitean ann an Steòrnabhagh agus bidh iad a’ cluich beò anns The Market Bar, Inbhir Nis, 8f 8mh den Lùnastal.
